Storieta
English
Sign up

The opening · free to read

Coinneach Odhar, Am Fiosaiche. ------ Anns an àm a chaidh seachad b' àbhaist do na Gàidheil agus do mhuinntir eile a bhi creidsinn gu mor ann an "Taibhsearachd," no an "Da shealladh," mar a theireadh iad. Bho cheann tri fichead bliadhna agus a deich, nuair a bha an sgriobhadair so 'na ghiullan beag, ann am Mùideart, ann an Gleann-Alladail, a' fuireach anns an taigh far an do chaidil Prionnsa Tearlach, nuair a bha e air a thurus gu Gleann-Fhionghain, far an do chuir e suas a' bhratach ri crann anns a' bhliadhna 1745, is iomad sgiala agus beulradh a chual' e mu dheibhinn taibhsearachd; oir, bha taibhsearan ann am Mùid-eart glé lionmhor aig an àm sin. Ann an {2} Lochabar, an deidh dha Mùideart fhàgail, bu tric a chual e iomradh air Coinneach Odhar, am Fiosaiche,--Taibhsear ainmeil a bha bho shean ann an taobh tuath na h-Alba. Theagamh nach cuala moran de na Gàidheil a rugadh anns an dùthaich so mu thimchioll; agus air son fiosrachaidh dhaibhsan, faodar beagan aithris an so, a réir a' chùnntais a chuir Mr. Alastair Mac Coinnich a mach mu dheibhinn anns an leabhar a sgriobh e uime.

Rugadh Coinneach Mac Coinnich, no Coinneach Odhar, ann am Baile-na-Cille, an Sgireachd Uig, an Eilean Leodhais, mu thoiseach na seachdamh linn diag, mu 'n àm anns an robh Seumas-a-sia bho Albainn, no Seumas-a-h-aon air Sassun, 'na righ air Breatuinn, agus air Eirinn us Manainn. Cha 'n 'eil a bheag sam bith air chuimhne mu laithean 'òige, ach a mhàin nuair a bha e anns na deugan, mu 'n robh e fichead bliadhna dh' aois, gu 'n d' fhuair e Clach na Fiosachd, leis am b'urrainn da innseadh ciod a thachradh san àm ri tighinn. Fhuair e a' chlach air an dòigh so, mar their cuid:--Bha {3} a' mhàthair feasgar àraid, a reir a' bheulraite, a' buachailleachd a' chruidh air an àiridh, air leacuinn aonaich ris an abairteadh Cnoc-Eothail, os cionn cladh Baile-na-Cille, an Uig. Mu mharbh mheadon oidhche chunnaic i a h-uile uaigh sa' chladh a' fosgladh, agus dòmhlas mor sluaigh ag eiridh as na h-uaighibh, beag us mor, sean us og, bho 'n naoidhean gus an sean-athair liath, agus a' falbh gach rathad as a' chladh. An ceann uarach de thim thill iad air an ais, agus chaidh iad a staigh do na h-uaighibh a rithist, agus dhùin gach uaidh mar a bha i roimhe. Thainig màthair Choinnich am fagus do 'n chladh, agus thug i fainear aon uaigh a bha fosgailte fhathast. A chionn gu 'm bu bhoirionnach dalma, smioral i, chuir i roimpe gum biodh fios aice c'arson a bha an uaigh so fosgailte nuair a dhùineadh càch. Ruith i agus chuir i a' Chuigeal tarsuinn air beul na h-uaghaich (oir chual i nach b' urrainn do 'n spiorad dol air ais a steach do 'n uaigh, cho fhad 's a bhiodh a' chuigeal tarsuinn oirre). An ceann beagan ùine thainig rìbhinn àluinn, a' snamh {4} troimh 'n iarmailt bho thuath, a dh' ionnsuidh a' chlaidh. Air teachd dhi thubhairt i ris a' mhnaoi, "Tog do chuigeal bharr m' uaigh, agus leig dhomh dol air m' ais gu m' àros." "Ni mi sin," Arsa an te eile, "ma dh' innseas tu dhomh ciod e a chum thu air dheireadh air càch." Fhreagair an taibhse, "Innsidh mi sin duit gun dàil. Bha mo thuras na b' fhaide na turais chàich; oir bha agam ri dhol do Lochluinn-a-Tuath (Norway). Is mise nighean Righ Lochluinn; bhàthadh mi nuair a bha mi 'gam fhairigeadh san tir sin; thainig mo chorp gu tir air a' chladach so sios fodhainn, agus thiodhlaiceadh mi anns an uaigh so. Mar chuimhneachan ormsa, agus mar dhuais dhuit fhèin airson do threun-mhisnich, bheir mi dhuit falachan sonruichte luachmhor,--falbh agus sir, us gheibh thu anns an loch ud thall clach bheag, chruinn, ghorm; thoir i sin do d' mhac, Coinneach, agus leatha innsidh esan nithean a thacras an deidh an àm so." Rinn i mar a dh' iarraidh oirre, fhuair i a' chlach, agus thug i seachad i do Choinneach a mac. Cha bu luaithe fhuair e a' {5} chlach na thainig feart na fiosachd uige, agus sgaoileadh a chliù mar fhiosaiche air feadh na dùthcha. Bhiodh uaislean us islean a' taghal air agus a' tighinn thuige air son fiosachd.

Ach tha iomad beulraite eile mu 'n dòigh anns an d' fhuair Coinneach a' chlach. Tha aon ag radh, gun robh e 'na sheirbhiseach aig tuathanach, agus gun robh diumb aig bean an tuathanaich ris air son a bhriathran beurra, sgeigeil. Air latha sònruichte bha e a' gearradh mòine leis an torraisgein fada bho 'n tigh, agus b' eigin an dinneir a chur thuige; chur bean an tuathanaich puinnsean anns an dinneir gu cur as da. Ach mu 'n d' thainig an dinneir shuidh e leigeil analach agus thuit e 'na chadal. Dhùisgeadh e le cabhaig; oir dh' fhairich e rud fuar air a bhroilleach. Chuir e làmh air, agus fhuair e clach bheag, gheal, agus toll 'na teis-meadhain. Sheall e troimh 'n toll agus chunnaic e sealladh air ais-innleachd na bana-mhaighstir. Thug e an dinneir do 'n chù, agus fhuair an cù am bàs gu dòruinneach.

Tha beulraite eile ag radh gun robh e a' {6} gearradh mòine, agus gun do shuidh e gu anail a leigeil a' feitheamh gus an tigeadh a bhean fèin d'a ionnsuidh leis an dinneir. Thuit e 'na chadal, agus nuair a dhùisg e dh' fhairich e rud cruaidh f'a cheann; fhuair e an sin clach bheag, chruinn, agus toll troimh a meadhon. Thog e i agus sheall e troimh an toll; chunnaic e a' bhean aige fhèin a' tighinn d'a ionnsuidh le dinneir cabhruich agus bainne, air a puinnseanachadh, gun fhios di-se, le a bana-mhaighstir. Ach ged a fhuair Coinneach feart na fiosachd leis a' chloich, chaill e sealladh na sùla leis an d' amhairc e troimh an toll, agus bha e riamh tuilleadh cam, no aon-suileach, an deigh sin.

Tha Aoidh no Uisdean Muillear ag radh anns an leabhar aige, "Scenes and Legends," gun d' thainig a bhana-mhaighstir d'a ionnsuidh le dinneir phuinnseanaichte; fhuair i e 'na chadal air mullach sithein, agus an aite dhùsgadh, chaill i a misneach; dh' fhàg i am meadar, no a' mhias, ri a thaobh, agus thill i dhachaidh. Dhùisg esan; ach mu 'n do ghabh e an dinneir dh' fhairich e rud cruaidh 'na {7} bhroilleach: chuir e làmh air agus thug e mach clachag chruinn, boidheach, leis an d' fhuair e fios mu 'n droch cleas a rinn a bhana-mhaighstir air.

A reir gach ràite tha e coltach gun robh a' chlach ann, agus gun robh Coinneach 'ga cleachdadh gu bhi toirt a chreidsinn air an t-sluagh fiosachd a bhi aige. Cha'n 'eil sinne a' creidsinn gun robh feart fiosachd air bith anns a' chloich, ged a dh' fhaodadh i bhi 'na cloich mhìn, bhòidhich, ghorm-gheil, agus toll innte cuideachd, coltach ri clachan bòidheach a chunnaic sinn air cladach I-Challum-Chille, agus Eilean Mhuile.

Nuair a fhuair Coinneach clach na fiosachd, sgaoileadh a chliù feadh na tire mar fhiosaiche, agus bhiodh feadhainn a' tighinn thuige as gach àite air son fios fhaotainn mu thimchioll na teachd-ùine. Mu thimchioll ciad gu leth bliadhna mu 'n do rinneadh an t-slighe-uisge, no an caolas-cladhaichte, eadar Inbhear-Nis agus Inbhear-Lòchaidh, (an Caledonian Canal,) thuirt Coinneach, "Ged is ioghnadh leibhse an diugh e, thig an latha, 's cha 'n 'eil {8} e fad as, anns am faicear làraichean Sasunnach ('s e sin longan) air an tarruing le srianan còrcaich seachad air cul Tom-na-h-Iuraich." Thuirt e mar an ciadna, "Thig an latha anns am bi rathad mor troimh bheanntan Rois, o mhuir gu muir agus drochaid air gach allt," no "Ribean air gach cnoc agus drochaid air gach alltan." Mar an ciadna, "Thig an latha anns an lion na caoraich mhora an tir, gus am buail iad a' mhuir gu tuath." "Bidh muileann air gach abhuinn, agus taigh geal air gach cnocan." "Bidh criosan guaille tarsuinn air gach sliabh." "Thig bo mhaol odhar a stigh an t-Aite mor, agus leigidh i geum aiste a chuireas na sia beannagan dhe an Taigh-Dhige." Saoilear gur bàta-smùid a tha e ciallachadh. So fiosachd eile, "Thig an latha anns an cur peirceall nan caorach mora an crann air an fharadh. Nuair bhios na caoirich mhor cho lionmhor us gun cluinnear mèilich an dara té dhiubh leis an té eile, bho Chonachra, ann an Loch-Aillse, gu Bun-da-Loch, an Ceann-Taile, bidh iad aig an àirde 'nam pris, agus an deigh sin theid {9} iad air an ais gus am falbh iad uile as an t-sealladh, agus theid iad air diochuimhne cho mor as nach aithnichear peirceall caorach a gheibhear air carn, no ciod am beathach d' am buineadh e. Falbhaidh na seann Tighearnan as an tir, agus thig ceannaichean Gallda 'nan àite, agus bidh a' hàidhealtachd uile gu léir 'na h-aon fhrith mhor fhiadh. Bhidh an dùthaich cho gann de shluagh, agus cho fàs, as nach cluinnear gairm coilich gu tuath air Druim Uachdair. Theid an sluagh air imrich gu eileanaibh cian, nach fhaicear an diugh, ach a gheibhear a mach anns a' Chuan Mhor. An deigh sin sgriosar agus bathar na féidh, agus na fiadh bheistean eile leis na siantan dubha. Thig an sluagh an sin air an ais agus gabhaid iad seilbh air fearann an sinnsearach." Fiosachd eile, "Theid na Gàidheil gu America, ach thig iad air an ais fhathast gus an tir fhéin." Mu thimchioll Mhic Leòid Rathasaidh so fiosachd, "Nuair a thig Mac Dhomhnuill Duibh ban, Mac Shimidh ceann-dearg, Siosalach claon ruadh, Mac Coinnich mor bodhar, agus Mac Gille-Challum cam-chasach, {10} iad ogha Iain bhig a Ruigeath, se sin am Mac Gille-Challum a's miosa thainig na thig; cha bhi mi ann ri a linn, 's cha 'n fhear leam air a bhith." Thachair an ni so; oir b'e am Mac Gille-Challum so, iar-ogha Iain bhig a Ruigeath, agus bha e cho strudheasach us gun do chaith e oighreachd a shinnsirean; agus bha na Tigh-earnan eile chaidh ainmeachadh, 'nan comhaoisean do Mhac Gille-Challum so, leis na comharan orra a dh' innis am fiosaiche.

So fiosachd eile, "Nuair a thraoghas abhainn na Manachinn tri uairean, agus a ghlacar Bradan Sligeach air grunnd na h-aibhne, is ann an sin a bhitheas an diachainn ghoirt." Thiormaich abhainn na Manachainn cheana da uair,--an uair mu dheireadh air a' bhliadhna 1826, nuair a bha tiormachd mhor ann; chaidh a' choile 'na teine ann am Miramichi, agus loisgeadh moran thaighean ann mar an ciadna; agus bho cheann sia bliadhna diag ghlacadh 'Bradan Sligeach,' no Stirean no Stiorrach (Sturgeon) ann an grunnd na h-aibhne. "Fàsaidh an sluagh cho {11} tais us gun teich iad as an dùthaich roimh armailt chaorach." Chuireadh an tir fo chaoirich, agus dh' fhalbh an sluagh.

Rinn Coinneach fiosachd chomharraichte mu thimchioll Clann Choinnich an Uillt-Bhoidhich (Fairburn), agus Caisteal no Tur an Uillt-Bhoidhich (Fairburn Tower). "Thig an latha anns an caill Clann Choinnich an Uillt-Bhoidhich am fearann uile, agus theid am meur sin de 'n fhine as an t-sealladh gus nach fàgar duine dhiubh air aghaidh na talmhainn. Bidh an caisteal fàs, air a threigsinn, gun duine 'ga aiteachadh no gabhail comhnuidh ann; agus beiridh bo laogh ann an seomar uachdrach an Tùir." Thachair na nithean so uile do reir na fiosachd. Chaill an teaghlach sin de Chloinn Choinnich an seilbhean gu h-iomlan; agus rug a bhò an laogh mar a dh' innseadh, san t-seomar uachdrach. Bho cheann beagan bhliadhnachan chaidh an Tùr fhagail na fhàsaich; ghrod na dorsan agus thuit iad dheth, fear an deigh fir, gus mu dheireadh nach robh dorus idir air an staidhir mhoir shniomhain a bha ruigsinn bho 'n bhonn gu mhullach. {12} Bha 'n staidhir so de chlioch agus mar sin seasmhach, maireannach. Bho cheann beagan ùine thaisg an tuathanach aig an robh a' gabhail fodar ann an seòmar uachdrach an Tùir. Thuit pàirt de 'n fhodar air an staidhir mar a bha iad 'ga ghiùlan an àird. Thainig te de 'n chrodh air latha àraid a dh' ionnsuidh dorus an Tùir, agus air do 'n dorus a bhi fosgailte, chaidh i staigh agus thòisich i air trusadh agus itheadh nan sraibhlean a bha sgapte thall 's a bhos air an staidhir. Lean i mar so a' dol air a h-adhart bho cheum gu ceum de 'n staidhir gus an d' rainig i am mullach,--chaidh i staigh do 'n t-seòmar ag itheadh nan sraibhlean roimpe, agus air dhi bhi trom le laogh cha b' urrainn i tearnadh air a h-ais; uime sin dh' fhàg iad i anns an t-seòmar gus an do rub i an laogh, a bha 'na chreutar fallain, bòidheach. Dh'fhàg iad a' bho agus an laogh car ùine shònruichte anns an t-seòmar agus chaidh iomadh neach a mach á Inbhirnis gus am faicinn. Mar so bha faisneachd Choinnich air a coilionadh gus an dearbh litir.

The book keeps going

Keep reading, and see it illustrated

Reading is free forever. Sign up and watch scenes appear while you read.

Illustrated scene from The Adventures of Sherlock HolmesIllustrated scene from FrankensteinIllustrated scene from The Great Gatsby

Scenes Storieta drew for other classics.

New illustrated classics

A new classic, drawn, in your inbox.

Once or twice a month: the latest books to get full character casts, scene art, and free comic editions. No account needed.